en fy eu mk sl ga

Rody Gorman

2018-04-05 16:52 — Maribor, Slovenia

1, 2, 3, 4

bloighean den t-sneachd’ ùr is na h-uain

air Cnoc Uaine nan laighe sa mhadainn

agus faoileagan air bhàrr a’ chuain

little bits of fresh new snow and the lambs lying on the hill at Knock in the morning and gulls like white wavecrests on the top of the ocean bay

 

Allt Tarsainn bhuam ri torghan

agus fo mo chasan air an Fhaoilinn,

cadalan-tràghad anns a’ mhorghan

the burn at Allt Tarsainn purling away and under my feet on the shore at Faoilinn a sea-urchin in the pebbly shingle

 

a’ fàs aig Taigh Mòr nan Gilean

far an robh ‘m bodach na linn,

leis fhèin, lus nan trì bilean

growing at the empty Big House in Gillen where the old boy was in his day, all alone, a common valerian

 

och nach robh thu agam, a luaidh,

shìos an sin air bruach an Uillt Ruaidh

seach bhuam an Oir Chluaidh

och dear if only I had you down there then on the clump bank of the Red Burn and not wanting away from me in Clydeside